Am Prionnsa Beag (gaélico escocés)
Nam bheachdsa se seo an tir as boidhche agus as tiamhaidhe ‘san t-saoghal. Is e an aon tìr a tha seo agus a bha air an duilleig roimhe ach rinn mi dealbh eile dheth gus a leigil haicinn dhuibh gu math.‘S ann an seo a nochd am prionnsa beag air Thalamh agus a dh’fhalbh e às a-rithist. Thoiribh suil air an tir seo gu faicilleach gus am bi sibh cinnteach gun aithnich sibh e ma thèid sibh air turas lath-eigin san Aifric anns an fàsach. Agus, ma tharlas gun tig sibh seachad an seo, tha mi a guidhe oirbh gun deifir a dhèanamh. Feithimh treiseag direach fon reul. Ma thig paiste ur n-ionnsaidh an sin, ma nì e gàire, ma bhios falt orbhuidhe air, mura toir e freagairt nuair a thèid ceist a chur air, bidh fhios agaibh gu math cò e. Bithibh coibhneil an sin! Na fàgaibh mi cho brònach. Cuiribh fios am ionnsaidh gun dàil gun do thill e…